Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Fo Bhlàth

Bàrdachd le Niall O’Gallagher (CLÀR)

A Review by Alistair Paul

Chan eil Niall O' Gallagher na shrainnsear dhomh ged nach do thachair e mi ris a-riamh. Gach feasgar, gheibh e cuireadh bhuam a thighinn a-steach dhan t-seòmair-shuidhe agam gus naidheachdan trom-chùiseach an t-saoghail a lìbhrigeadh mu chogadh, bhuaireadh poilitigs is eile, mar phàirt de sgioba naidheachdan An Là. Ach tha fhios gu bheil riochd eile san nochd an duine, a tha a’ dol calg-dhìreach an aghaidh sin is e na bhàrd. Bhon a ghlèidh Niall Duais nan Sgrìobhadairean Ùra ann an 2010, tha e air cliù a choisinn dha fhèin mar shàr-bhàrd le trì co-chruinneachaidhean de bhàrdachd a-nis air an clò.

Nochd am fear mu dheireadh dhiubh sin ann an 2020 fo ainm 'Fo Bhlàth'. Ainm gu math freagarrach, oir nuair a theann mi ri a leughadh, dh'fhairich mi gun robh mi a’ dol a-steach gu lios-mheas torrach is gaoth bhlàth an earraich a’ giùlan fàilidhean na bàidhe, a’ ghaoil, dhàimhean, dualchais is fèin-aithne, tron duilleach fhaclan. Ged as ùr-nòsach a tha na cuspairean seo ris an tèid Niall an gleac sa cho-chruinneachadh, tha e gan lìbhrigeadh tro bhith a’ cur gu feum seann chruthan bhàrdachd. Cha bheag an t-ealantas a nochdas Niall ann a bhith a’ coileanadh an dùbhlain seo, a’ fàgail ruitheam air an dànachd a tha taitneach ri aithris is ri chluinntinn.

’S e cosgais a’ chleasa an cuingealachadh a chuireas e air briathrachas is brìgh a dh'fheumas a bhith air a fiarachadh a-steach do chruth nach eil fo smachd a’ bhàird. Tha seo a’ fàgail gu bheil cuid dhen bhriathrachas is lèirigeadh nas toinnte na lorgas sa chumantas ann am bàrdachd ùr. 'S dòcha nach tig sin ri càil gach leughadair ach ma tha sinn airson a bhith air ar giùlan air sruth beartach de bhàrdachd, a shìneas air ais na ceudan de bhliadhnaichean, gu domhain a-steach gu ar dualchas, ’s math as fhiach an saothair.

Air an t-saoghail caochlaideach sa bheil sin beò, is a chuireas Niall far comhair gach oidhche, tha a’ bhàrdachd aige mar leigheas.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media