Northwords Now Issue 38

The FREE literary magazine of the North

Greg Macthòmais

Rugadh is thogadh Greg MacThòmais ann an Siorrachd Dhùn Breatainn. Chaidh e a Shlèite anns an Eilean Sgitheanach ann an 2000 airson ceum Gàidhlig a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha e air a bhith ag obair ann an Leabharlann na Colaiste agus a’ fuireach san sgìre bhon a cheumnaich e. Bidh e a’ sgrìobhadh bàrdachd, sgeulachdan, dràma agus òran. Bidh beatha is bòidhchead an Eilein Sgitheanaich, saoghal a shinnsearan, cùisean poilitigeach agus na ceanglaichean, sean is ùr, eadar Alba is Èirinn a’ nochdadh gu tric na chuid sgrìobhaidh. Ghlèidh e Duais nan Sgrìobhadairean Ùra aig Comhairle nan Leabhraichean agus Urras Leabhraichean na h-Alba ann an 2015. Chaidh a chuid sgrìobhaidh fhoillseachadh ann an New Writing Scotland, Northwords Now, Cabhsair/Causeway, agus Aiblins – New Scottish Political Poetry.


Writing in Northwords Now
Issue 37 Na Geòidh