Northwords Now Issue 34

The FREE literary magazine of the North

A’ fònadh

by Maoilios Caimbeul

Feuch gun cuimhnich
thu d’ anam, thuirt
i ’s gun fhios a’m
dè a chanainn

a’ smaoineachadh
le m’ anam mi
ag adhradh ann
gun sgur agus

feuch gun tèid thu
dhan eaglais mi
anns an eaglais
an seo a-nis

faigh Crìosda dha
d’ anam agus
thuirt mi (rium fhìn)
na can an còrr.