Northwords Now Issue 34

The FREE literary magazine of the North

Seachain am beò

by Maoilios Caimbeul

Seachain an nì a tha beò
nuair a tha an rathad fliuch
air latha sgarach foghair
’s a’ ghrian air a h-uilinn
’s an latha a’ dùnadh a sgeòil.

Seachain na muileacha-màgag
a tha ri an gnothach fhèin
gun aon chùram ann am meadhan ur rathaid.

Seachain a’ ghràineag chruinn, bhiorach
’s i a’ dèanamh a rathaid dhachaigh;
cuimhnich air na nithean beò,
iriosal nan slighe, nach do rinn cron
ortsa riamh, a tha naomh nan dòigh fhèin.

Seachain an coineanach ’s e na chlisgeadh
fon t-solas; seachain an geàrr le a leum èasgaidh,
’s cùm bhon fhiadh a leumas le sùrd.

Air do shlighe dhachaigh nad shlige iarainn
ann am meadhan do bhàidh
seachain am beò.