Northwords Now Issue 34

The FREE literary magazine of the North

Sìoda

by Pàdraig Macaoidh

Nuair a dh’fhuadaicheadh na Mùraich
à Alpujarra, dh’fhàg iad dà theaghlach
anns gach baile, gus innse mu uisgeachadh
agus oideachadh cnuimhean-sìoda:

mar a bhios iad fàs air craobh nan smeur
nuair a tha an teòthachd dìreach mar
bu chòir, mar a thig bàs cho fearasta
le caochladh teas le fàileadh caca le fuaim;

mar a bhios tu a’ dèanamh brag ’s sgleog
nuair a tha tàirneanaich ann, gus nach bi
iad a’ mothachdainn; mar a bhios tu gan sadail
beò ann an uisge goileach ’son sìoda mìn.

’S thug iad am fiosrachadh dhaibh
a dh’aindeoin gach sgleog ’s creach ’s guidhe.