Northwords Now Issue 35

The FREE literary magazine of the North

Dlighe

by Coinneach Lindsay

A’ chiad thuras a thug thu gaol dhomh,
As dèidh dhomh coiseachd dhad ionnsaigh
Ann an spiorad;

Fosgailte, so-leònte, deiseil son creideamh
A’ tuiteam nam dheann-ruith tro do shùilean
Dha do chridhe.

Cha do dh’fhidir mi am bacadh a bh’ ann:
Carson a bhithinn-sa dligheach ort,
‘S mi gun airgead?