Northwords Now Issue 35

The FREE literary magazine of the North

Saobh-chràbhadh

by Coinneach Lindsay

Soirbhichidh gaol air saobh-chràbhadh,
Gabhaidh an àbhaisteach mìneachadh ùr
A thogas dùil bho gach rud làitheil
Sealltainn dàn an gach nì fo shùil.

Chan e eòin sna h-eòin, no clach sa chlach:
Nach e manaidhean a th’ annta, tighinn beò?
‘S  iad a’ toirt eòlas dhuinn air na rudan ri teachd,
Dall ‘s a tha sinn gu comharraidhean dubh-bhròin.

Oir dè an fhios a th’ againne ach creideas
Agus mac-meanmna air an àm ri teachd?
Is sinn a tha ath-chruthachadh, eadhon,
ar n-eachdraidh fhèin a rèir ar beachd.

Manaidhean, ‘s iad a tha nar tròcair,
Gar glasadh air fad an aintighearnas an dòchais