Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Gràs nan Dathan

by Maoilios Caimbeul

Nuair a rinn an Tì Naomh gràs
iongantach nan dathan, gealltanas
an earraich, na craoibhe, na bogha-froise,
faodaidh tu a bhith cinnteach, cinnteach
nach tàinig e à inntinn mhic an duine
no à mèinnearan dall, bodhair
na tràighe ’s nan creag.

Nuair a spreadh an cruthachadh na dhiog
bha inntinn an duine is dathan mar ghealladh
do dh’àm ri teachd, fada, fada
san tìm dhomhainn a bha ri thighinn.
Dh’fheumadh gach nì bhith dìreach
ceart aig an toiseach ud, a h-uile feart
air a thomhas gu leud na sròine
agus nas lugha. Cha thachradh sin
ach le inntinn agus cumhachd air a chùlaibh
a tha cho fada os cionn ar bith
’s a tha na reul-chriosan cian cho fada
os cionn an atam as lugha a tha sa chrèadh.
Èist rium Athair Naoimh, Athair
nan uile dhath, is soillsich orm
led inntinn thùsail, gur tusa
màthair-uisge nan uile bhith.

Nuair a dhùisg mothachadh gu ciall
aig na tràth athraichean is mhàthraichean
chunnaic iad am feur gu robh e maiseach,
caoin, a’ ghrian a’ soillseadh air gu rèidh
air gach taobh, gun robh anns an uaine
sàbhailteachd is sìth, ’s ann an craobhan
na coille gun robh na h-eòin a’ seinn,
gathan buidhe, aitealan òir.

Agus chunnaic iad dearg, gun do rinn
an Tì Naomh dearg, àm èirigh na grèine
’s aig a dol fodha, ròsan nan speur,
’s an fhuil nuair a lot an saighead,
’s anns an teine nuair a loisg an cunnart,
’s anns an aiseid nuair a dhùisg a’ bheatha,
’s anns an duilleach nuair a shìolas beatha
chunnaic iad dearg, ’s chuir e eagal orra.

Ach bha sìth sa bhogha-frois, bogha
os an cionn a’ toirt cofhurtachd, Spèis
a’ tighinn às na speuran, thuirt iad,
na dathan uile a’ deàrrsadh, dearg,
orains, buidhe, uaine, gorm,
purpaidh is bàn-phurpaidh an co-sheirm,
ceòl dathan an fhlaitheis a’ dèanamh
gàirdeachas ri frasan ùrar a bheir fàs.


2.
Ach cuideachd bidh am bogha-frois na thàmh,
Am feur seargte, na beathaichean seasg,
An diabhlaidh ag adhbharachadh tart is pràmh.

A Dhè thoir dhuinn an sealladh sìorraidh,
Teasraig sinn bhon stoirm ’s bhon tuil.