Northwords Now Issue 39

The FREE literary magazine of the North

An lon-dubh

by Maoilios Caimbeul

1
Thu cho dubh ris an t-sùith,
mìn, gleansach na h-itean,
ach buidhe do ghob,
ah! mo liagh, ’s tu fhèin an gille,
le do dhà shùil bhiorach,
thu gluasad an siud ’s an seo,
le briosgail null is briosgail nall.

’S tu an t-eun còir, càirdeil,
an t-eun as fheàrr leam sa ghàrradh.
Thig thu airson do bhiadh,
le seann-ruith, le deann-ruith,
a’ dèanamh thugainn.
Siuthad, a laochain, ith do bhiadh,
ith an sìol,
mus tig na calmain;
’s nach bi pioc air fhàgail dhut.

2
Eòin dhuibh, eòin dhuibh,
bha e truagh mar a thachair
an latha ud as t-earrach
nuair a chaill thu d’ isean
a bha dìreach ùr às an nead
dhan chat riabhach shalach
a bha am falach fon phreas.

Eòin dhuibh, eòin dhuibh
’s truagh do sgollachan dis
bhith an siud fon phreas
dhan chat oglaidh chlis,
gun rian aige teicheadh –
’s tu cluinntinn na h-ulaidh-fruis –
no faighinn idir às.

Eòin dhuibh, eòin dhuibh
bha do sgreuchail bhod chridhe
’s thu dol timcheall an taighe
’s do ghaol beag na phreisein.
Bidh an sgreuch ud nam chridhe
gu deireadh mo latha,
a ghaoil bhig dhuibh, a ghaoil bhig dhuibh.