Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

taighean-solais

as dèidh Yamamoto Taro (1925-1988)

by Caoimhin MacNèill

tha taighean-solais coltach ri bàird
a’ faireadh rudan cunnartach a-mhàin -
stoirm an teas-mheadhan na gaoithe,
an làn-mara allta a’ tighinn dlùth.
 
tha bàird coltach ri taighean-solais;
a’ faireachdainn cràdh-cridhe,
togaidh iad dìomhaireachd
àraid dhaibh-fhèin.
 
air sgàth ’s gu bheil an solas aca
an còmhnaidh air a ghoid leis an astar
tha an leth a-staigh aca nas doimhne
na dorchadas sam bith.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media