Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Bròn Bodach an Stòrr

by Maoilios Caimbeul

An seo nam aonar gun sgeul air daoine,
Càit air an t-saoghal a bheil an sluagh
A b’ àbhaist bhith taomadh suas an aonaich
Le ceuman aotrom làn gàir’ is luaidh?

An-uiridh fhèin bha an t-àite ag èigheach
Le iomadh treubh bho feadh an t-saoghail,
Ag ràdh slàint’ dhut a bhodaich chàirdeil
Ach an-diugh tha sàmhchair is gainnead dhaoin’.

’S iomadh bliadhna a sheas mi ciatach
A’ fulang shiantan le teas is fuachd,
Ach chan fhaca mi riamh e mar tha e ’m-bliadhna
Grian Ògmhios dian ’s gun duin’ mun cuairt.

Tha an t-àm seo neònach, no a’ dol gòrach,
A’ phàirc tha leòmach, i falamh lom,
Gun bus na càr innt’, cho fad bhon àbhaist
’S gu bheil e gam fhàgail tinn is trom.

A chlann nan daoine dè thachair dhuibhse
Le camarathan daora a’ togail dhealbh?
Tha gàire air m’ aodann, is bithidh daonnan,
A’ feitheamh ribhse a thighinn gam shealg.

A chlann nan daoine dè thachair dhuibhse?
Tha fhios gun taom sibh a-rithist nam chòrr;
Mi ’g ionndrainn dhaoine, ’s mi seo nam aonar,
Gach là is oidhche a’ sileadh dheòir.