Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Às Dèidh na Càisge

by Maoilios Caimbeul

H-abair latha!
Flòdaigearraidh sgiamhach mar a bha e riamh,  
an t-adhar gorm gun sgòth san adhar,
na bruaichean buidhe le sòbhraichean
’s buidheag an t-samhraidh na glòir òr-bhuidhe
’s os mo chionn ceilearadh nan eun.

Na h-uain a’ ruith ’s a’ leum ’s ri mire,
mar an lainnir air Loch Leum nam Bràdh,
leis an t-seann taigh-sgoile os a chionn
falamh, sàmhach, gun aon phàiste,
a’ toirt nam chuimhne
suidheachadh an t-saoghail
far a bheil a’ phlàigh a’ gabhail àite,
far a bheil èiginn is bàs
air an t-seachdain seo
às dèidh na Càisge.

Flòdaigearraidh sgiamhach mar a bha e riamh,
le ceilearadh nan eun,
ach bròn cuideachd a’ bruthadh mar sgàile
oirnn uile, ’s air na deiseachan gorma gràdhach,
ann am bliadhna uabhasach na plàighe.

Gidheadh, tha ar sùil ri aiseirigh eile,
aiseirigh bhuidhe,
a thàinig le gibht na Càisge.

The Board and Editor of Northwords Now acknowledge support from Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media