Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Mar an Fhiadh

by Fionnag NicCoinnich and Brian Ó hEadhra

Mar an fhiadh a bhios mi
Mar bhan-dia a bhios mi
Mar ghuthan nam mìltean
A’ seinn gu h-àrd, gu treun

Bheir mise sùil air an t-saoghal le sùilean ùra
Dùisgidh mi bho m’ aisling agus seasaidh mi gu h-àrd

Bidh mi cruaidh mar chloich is bog mar bhùrn
Leughaidh mi an tìr mar na gaisgich a chaidh

Èistidh mi ris na craobhan a lùbas sa ghaoith
Is gheibh mi neart bhon ghrèin gach là

Fuirichidh mi san dè, san diugh is san màireach
Is cha bhi an t-eagal orm ro olcas sam bith

Gabhaidh mi am fulangas a thig le bròn
Agus cumaidh mi slàn nam anam is bodhaig

Ruithidh mi ris an treud ach seasaidh mi nam aonar
’S bidh mi stòlta mar neòinean sa mhàgh


Like the deer, I will be
Like a goddess, I will be
Like voices of the thousands
Singing loudly, strongly

I will look upon the world with a new vision
I will awake from my slumber and stand tall

I will be hard like a rock and soft like water
I will read the land like the heroes of old

I will listen to the trees that sway in the wind
And I will gain strength from the sun each day forever

I will live in the yesterday, today and the morrow
And I will fear no evil

I will endure suffering that comes with sadness
And I will nurture my spirit and my body

I will run with the herd but I will stand alone
I will be still like a daisy on the plain

The Board and Editor of Northwords Now acknowledge support from Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media