Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

An Seachdamh Tonn

Bàrdachd is Òrain le Sandaidh NicDhòmhnaill Jones (Acair)

A Review by Alistair Paul

’S gann nach eil cuspair ann nach bi a’ bhàrdachd aig Sandaidh NicDhòmhnaill Jones a’ suathadh ris. ’S gann nach eil cruth bhàrdachd air nach fheuch Sandaidh, eadar seann chruthan meataireachd is dàin lèirsinneach. ’S cinnteach gur e seo aon de na h-adhbharan a thog i aire bhritheamhan a' Chomuinn Ghàidhealaich is gun deach urram Bàrd a' Chomuinn a bhuileachadh oirre ann an 2019. Mar thoradh air an spionnadh a thug an t-urram air a’ bhàrdachd aice, thàinig an dàrna co-chruinneachadh de bhàrdachd aice ’An Seachdamh Tonn’ a-mach an-uiridh.
 
Tha an dàn ‘An Seachdamh Tonn’, a chomharraicheas an urraim is a thug ainm dhan chruinneachadh, mar sluagh-ghairm dhan chòrr dhen bhàrdachd a tha sa cho-chruinneachadh is e a’ brosnachadh bana-bhàird gu dànachd is dèineas. “Sgrìobh; ban-fhàidh is saoidh thu”. Agus gu dearbh ’s ann a tha a’ bàrdachd aice a’ coileanadh a gairm. Chan eil eagal aice ro chuspair sam bith a-rèir toradh a saothrach, nam measg cuspairean a sheachnas iomadh bàrd eile, leithid tinneis, feise is bàis. Chun na h-ìre ’s nach eil leisg aice ann a bhith a’ toirt slaic do bhàrd cho urramaichte coisrigte – cha mhòr – ri Alasdair mac Mhaighstir Alasdair airson a’ ghamhlais a nochd e do bhoireannaich ann an cuid dhen bhàrdachd aige. Ach, chan eil sin a' ciallachadh gu bheil gach dàn aice trom-chùiseach – fada uaithe – is tòrr aca a tha làn àbhachdais is aotromais.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media