Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Bian an t-Sionnaich

by Marcas Mac an Tuairneir

Am preas mo mhàthar,
tha bian sionnaich air a chrochadh –
air a dhubhadh le tìm.
A’ cumail làmh ris,
chì mi mo shin-sheanmhair
le dà dhiubh ma guailnean.
Na leth-aon de phaidhir
is air sgàth tabhartas neo-chiallach bean a mic,
’s taisgte mo dualchas
an lobht cuid gun dàimh rium.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media