An Sgàthan – Pàirt 1
by Rhiannon Ledwell
B’ e latha àbhaisteach a bh’ ann, an toiseach. Bha mi air an t-slighe a-staigh dhan oilthigh nuair a thuit rudeigin às an speur! Airson greiseag bha mi a’ faireachdainn coltach ri ‘Cearc Bheag’, a bha gòrach leis an eagal gun robh an t-adhar a’ tuiteam. Bha coltas gun robh pìos gorm soilleir den adhar na laighe air an rathad. Ach, an ceann beagan ùine, chunnaic mi nach b’ e ach sgàthan a bh’ ann, anns an robh faileas an adhair a’ nochdadh.
Bha i na h-annas ge-tà – an sgàthan cho glan is gleansach, mar gum biodh e dìreach air a lìomhachadh. Cha robh sgeul air cnac, ged a bhuail e an rathad gu cruaidh. Chaidh mi na b’ fhaisge air, gu slaodach, agus chrom mi sìos. A rèir coltais, b’ e sgàthan àbhaisteach a bh’ ann. Chunnaic mi m’ aodann fhèin, aig ceàrn neo-mhaitheach. Thàinig gile air m’ aodann. Chuir mi sìos mo làmh a dh’ionnsaigh an sgàthain, agus thog mi an àird e. Sheas mi, agus theab mi tuiteam. Gu h-obann, bha an sgàthan a’ gluasad mar thonn na mara, mar gum deigheadh e na lùb buaireasach, air a chrochadh san adhar. Bha mi ann an teabadaich, ach mu dheireadh thall, chuir mi mo chorrag air an sgàthan–agus chuir sin gaoir trom fheòil. Dh’fhairich mi seoc –coltach ri seoc dealain, ach fuar, cho fuar gun do dh’fhairich mi nach bithinn blàth gu bràth tuilleadh. Dh’fheuch mi mo làmh a tharraing air ais, ach bha e steigte. Bha mo chridhe na shlugan.
Nuair a sheall mi suas, bha an sgàthan a’ fàs na bu mhotha ‘s na bu mhotha, agus cha b’ urrainn dhomh càil a dhèanamh ach feitheamh ris an sgàthan a bha gam shlugadh suas. Dh’fhannaich mi, agus nuair a dhùisg mi, smaoinich mi gun robh mi a’ call mo fhradhairc. Thàinig e thugam gun robh a h-uile càil ann an dubh is geal. Thug mi sùil mun cuairt, air an àrainneachd fhàsach. Cha chuala mi bìog. Cha robh ach sàmhchair ann – gun chreutair beò anns an dòlas àite seo ach mise.
Dh’èigh mi ris an fhalamhachd, ‘Na bi gam phiobrachadh! Dè tha thu ag iarraidh?’ Cha tàinig freagairt, ach mhothaich mi leabhar-nòtaichean na laighe far an robh an sgàthan roimhe. Thog mi e gu luath. Leugh mi na bha sgrìobhte air, agus thìnig fuar-fhallas orm gu grad: ‘nòta-bàis’. Air dòigh air choireigin, bha fios agam air na bh’ agam ri dhèanamh. Leig mi osna agus thog mi orm, a dh’ionnsaigh na beinne air fàire. B’ ann dhomh fhìn a bha mo shaoghal, ach b’ e saoghal trom-laighean a bh’ ann.
↑