Iomadh Dàn às an Aon Dàn
Circeabost: An Ceann a Deas 2000 le Dòmhnall MacAmhlaigh
by Rody Gorman
’S e Circeabost: An Ceann a Deas 2000 an dàn as deireannaiche, as fhaide agus, na mo bheachd fhèin, as fheàrr le Dòmhnall MacAmhlaigh (1930 – 2017). Gu deimhinne, ’s e a Chead Deireannach fhèin a th’ ann.
’S e suidheachadh tàrmachadh no cruthachadh Circeabost: An Ceann a Deas 2000, car mar a bha obair nam bàrd Gàidhealach riamh agus filidhean nan aislingean nam measg, an oidhche. ’S e suidheachadh a’ chuspair ‘eilean lom mara’. ’S e an dramatis personae, mar gum biodh, ‘muinntir mo chadail’ mar a th' aig MacAmhlaigh orra san dàn Dàimh. Thuirt e mu na daoine sin:
‘Dheighinn-sa air ais a Bheàrnaraigh ged nach biodh ann ach an talamh ’s na creagan ’s na clachan ’s am muir ’s na rudan sin ... ’s e ... an rud as deatamaiche, as cumhachdaiche tha ga mo tharraing gu Beàrnaraigh ... chan e idir dìreach an talamh fhèin idir ach na daoine ... ’s e mo dhaoine-sa th' annta – ’s e sin an rud ... tha còmhradh deatamach dhaibh ... dh'ionnsaich mi ... cho deatamach ’s a tha cainnt’.
Tha a’ bhàidh ’s an dàimh air a bheil MacAmhlaigh a-mach gu sònraichte làidir ann an dàin mar An t-Sean-bhean, Mar Chuimhneachan air Mo Sheanair, Crìonadh, Frionas, Suaicheantas, Soraidh agus an leithid agus tha an saoghal sin ga nochdadh leis san dàn Ceartaigh:
Eilean a bh’ ann
a thadhlaist’ le saor-mheas
far nach biodh rùin do-choiliont’:
an solas caoimhneil
air Ceartaigh
’s an sruth aoibhneach fo aiteal.
Ionad làithean samhraidh
aig balach, a’ cur ealain na leum,
fearann nan iliomad danns’
eadar canach, dreathan-donn ’s teillean-dè;
dorsan fosgailt’ air talamh iongnaidh
fhuamhairean is ghaisgich ’s dhaoine-sìdh
ceann thall nam frith-rathad saoghal dìomhair
nan rabaidean ’s nan cearcan-fraoich:
tìr far an robh a’ mhac-mheanmhain
ann an tasgadh chnoc is òs
lagan còmhnaidh Ariel ’s Caliban
Taigh an Talla ’s am Port Càm ’s a’ Chreag Mhòr.
Eilean a-nochd
a dh’èireas san trom-laighe ...
Cuideachd, chìthear brìgh an eilein ‘don allmharach an comhair na bliadhna’ ann an Comharra-stiùiridh:
... chan e siud m’ eilean-s’;
chaidh esan fodha o chionn fhada,
a’ chuid mhòr dheth,
fo dheireas is ainneart;
’s na chaidh fodha annam fhìn dheth,
na ghrianan ’s cnoc-eighre
tha e a’ seòladh na mara anns am bi mi
na phrìomh chomharr’-stiùiridh
cunnartach, do-sheachaint’, gun fhaothachadh.
Ann an Circeabost: An Ceann a Deas 2000, tha am bàrd a-mach air turas aoibhneach a thàinig thuige nuair a bha ‘bloighean de dh’iomairt na h-oidhche/tighinn gu m’ inntinn’.
Circeabost: An Ceann a Deas 2000
Shiubhail mi a-raoir às mo chadal
eadar Rubha Taigh Phàil is A’ Charadh
is shaothraich mi an t-slighe-mhara
air ais mu ghob an Rubha Chaoil,
a’ ruith o ghaoth is sruth carach,
le dìosgail air acainn,
dà cheann anns an t-seòl;
ràmh ri taobh an fhasgaidh
a’ fannadh a-steach gu caladh
air A’ Phort Mhòr ...
Is choisich mi an t-suan-shlighe eadar
A’ Ghamhnach is Creag a’ Bhainne;
lean blas an fhìor-uisg’ air mo theanga
san dìreadh chas bho bhun an uillte;
tarsainn air làrach nam muilnean,
air athadach nan taighean –
Tobhta Chaluim Fìdhleir ’s Tobhta a’ Bhàird
an tasgaidh Chnoc a’ Charmaig –
seachad air athadach nan leasan,
air Iodhlainn Chruinn na h-Àthadh,
suas gu ruige an t-òs.
’S a-mach air uachdar Loch Mharcoil,
am fasgadh Cnoc a’ Chàrnain ’s a’ Chnuic Mhòir,
a’ chuimhne le ceum-neog a’ sgaoileadh
a h-àl de chearcaill fhabhdach,
a’ turracail seòlaid na h-eala ’s na faoileig
’s a’ togail saoghal nan crannlach
is gobha-dubh an uisge mu bhòrd ...
’S a-null air gàrradh na Buaile Ruaidhe,
suas ris a’ ghàrradh-cùile chun na cachaileith
’s an crodh a’ tional le ruathar
ag èigheachd duan an eadraidh,
a’ dian-phutadh a chèile gu crò;
’s eadar thu ’s leus an fheasgair
an anail ag èirigh na neul ...
’s a' sìoladh na sgleò ...
An-diugh a’ cromadh à mullach Thotarail,
talamh eòlais fo mo chasan,
bloighean de dh’iomairt na h-oidhche
tighinn gu m’ inntinn,
chì mi iathadh a' bhaile:
Leathad na Calltanaich ’s an Leas Ìosal,
An Creag Ruadh is Sàil a’ Chreagain,
sìos an Leathad Mòr gu làrach na h-eaglais
a thog sean-seanair mo sheanar,
’s a-nall chun na Ceàrdaich
far na shaothraich a shean-seanair eile
an dà dhùn luathadh tha am follais
fhathast an dèidh dà cheud bliadhna –
a’ filleadh an ama dh'fhalbh am broinn mo bheatha.
’S ag èisteachd ri agallamh mo dhaoine
’s a’ ghlòir na mo chluais ’s na mo chridhe,
cha bu dligheach dhomh àicheadh
gu bheil mo dhàimh ris an dùthaich-s’
(a dheilbh dhomh m’ fheist is mo shaorsa)
cho dlùth ris a’ bhàirnich air a’ charragh,
ris a’ bhuidhean air na clachan;
mo fhreumh an sàs cho righinn
na h-ùir ris an lus-con-chulainn,
ri bun a’ charra-meille;
cho glèidhte na liosan cearbach
ri lus-na-fraing’ is ris an ailleann;
(’s a dh’aindeoin aomadh is tearbadh)
cho gnàthach na còmhdach
ris a’ chearban, ’s ris an t-seòbhraich ...
Iongantach is ged a tha seo mar bhàrdachd Ghàidhlig le MacAmhlaigh, chan eil mòran a tha na annas ùr na lùib mar chuspair fhèin, a’ sealltainn air a shaothair anns an fharsaingeachd. San dàn, mar eisimpleir, Do Mhacsim Goirci – Dùn Èideann, 1959 (agus a’ bhliadhna air a comharrachadh na chuideachadh don leughadair, rud nach eil cho cumanta sa bhàrdachd aige), tha:
Thàinig boladh à cip-thionntaidh
mo ghoirtein bhrèin
eadar garaids is sràid,
gam thilgeil car a’ mhuiltein
còrr is fichead bliadhn’
an comhair cùile tìm –
gu frith-rathad an clais
feannag fhochainn is bhuntàt’;
sealbhag mu m’ iosgaidean, fliuch;
is brisgean-airgid is òir lìomht’
(na mo bhalach)
cho buidhe ris an ìm;
a’ chiad uisg’
an dèidh tiormachd Màigh’;
mi a’ dol do thobar nach do thràigh
a-riamh
a dh’aindeoin crannaidh:
anns na dh’fhan am bùrn milis,
ged a bha i fo thiùrr an làin
’s an làdach thar a bilean.
A’ sealltainn air dàn Chirceaboist, ge-tà, saoilidh mi gu bheil sanas againn air cho toinnte agus a tha na faireachdainnean a tha gan nochdadh ann ri thoirt fa-near bhon tùs leis a’ chleachdadh fharsaing ud shiubhail a chuireas an cèill san aon àm taisteal, lorg agus bàs. Tha gnothaichean a’ fàs car suigeartach na dhèidh sin agus chuireadh sin agus an ruitheam – no am faram mar a chanadh MacAmhlaigh fhèin, mar ann am ‘faram a’ ghràin a’ tuiteam air an fheannaig’ san dàn Am Foghar, 1958, ‘thog na cinn ghliogach am faram’ ann an An tì a leagas callaid, teumaidh nathair e ... agus ‘siùbhlach d’ fhonn agus d’ fharam’ ann an A' Cuimhneachadh air Iain Mac a' Ghobhainn gun tighinn air an iomradh air ‘faram seòlta’ aige ann an Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig – òrain air chuimhne. Tha e inntinneach a thaobh seo gu bheil am facal seo ‘faram’ a’ bualadh, mar as trice, air fuaim seach air gluasad (mar ann an ‘faram nan stuagh air a thràighibh’ ann an ’S Ann Fada Bho Thuath le Niall a’ Ghobha à Solas). Agus tha dàin le MacAmhlaigh leithid Aimsir a’ Bhaile agus Earrach a' leigeil fhaicinn gun robh liut is alt aige air a bhith a’ dèanamh bàrdachd air nòs nan òran e fhèin.
Aimsir a’ bhaile-sa
farast’ a dhearbhadh
(madainn no feasgar
earrach no geamhradh)
chaidh an ratreut
air a ghaisgeachd chalma
deireadh an fhoghair
is toiseach a' gheamhraidh ...
Tha e air aithris gun tug Somhairle MacGill-Eain ‘chopped-up prose’ air bàrdachd Dhòmhnaill MhicAmhlaigh. Nach b’ e a bh’ air a mhealladh. Chan eil faram, air a bheil tarraing gu h-àrd, no comhardadh gann ann an dà Chirceaboist – ‘mo chadal/a’ Charadh/slighe-mhara/carach/taobh an fhasgaidh/caladh’, ‘uachdar/ruathar’, ‘cearbach/tearbadh’, gu ruige dùnadh/epinalepsis de ‘còmhdach/sòbhraich’, etc. Gabhaidh seo leudachadh agus sealltainn air an dòigh sam bi comhardadh a’ nochdadh tric gu leòr ann an saothair MhicAmhlaigh. Cha leig thu leas ach sealltainn air na dàin a leanas gus an ìre nach beag de chomhardadh a tha san t-saothair a thoirt fa-near: Foghar, 1953; Faustus; Soisgeul 1955; Eadar an Caol is Inbhir Nis; ‘...Iomtharraing an nì a tha doirbh …’; Do Luchd nan Duan-atharrais; Do Fhear-sgrìobhaidh Ainmeil; Suaicheantas; Ceangal; Comharra-stiùiridh; Frionas; Sealladh agus Iasgach; Uinneagan; Teine is Fiosrachadh; Ceumannan; Latha-fèille; Am Foghar, 1958; ‘An tì a leagas callaid, teumaidh nathair e ...’; Leigeil Às; Suaicheantas Tìm; Tuar na Nollaig; Diluain na Càisge; Iain am Measg nan Reultan; Fear-naidheachd; Chan Eil Ann Cho Seòlta ris an Fhoghar; Bàs mo Mhàthar agus Fògradh. Seo mar eisimpleir air thuairmse às an dàn Do Fhear-sgrìobhaidh Ainmeil:
Bha na leacan dubha sleamhain;
cò a ghleidheadh a chasan
ach fear eòlach air leantainn
sùghadh na tìde-mhara?
– is bha s bha e gun teagamh ealant’
air lorg meidh a bhonnan
air binnean gach carragh ...
Tha uaithne no acain ga cleachdadh anns an duan Earrach:
Tha an t-earrach ann an-diugh ’s gur gorm
a lorgan air feadh an adhair
tha na craobhan dubha, fuar,
fo bhuaireadh aig gaoithtean tana –
’s tha sùil gum bi leum-chrann fo chròic
’s gum bi 'n t-seòbhrach anns a' phalladh ...
Thug Ruairidh MacThòmais soilleireachadh eile air a’ chùis seo san aiste Scottish Gaelic Poetry: A Many-Faceted Tradition:
... in ‘Rabhd Eudòchais’ (Seòbhrach às a' Chloich, p. 11), Donald MacAulay in a twelve-line poem has three sets of end-rhymes, one on svarabhakti words (sgeilmear; dealbhach; bailbhe), one on long diphthongs (daonna; caoineadh; roghnaich) and one on short disyllables (mara; rabhaidh; earraich). I dare say some traditional readers of Gaelic verse would assert that this is an unrhymed poem.
Tha seo uile dùthchasach gu leòr. Rud nach eil ’s e cleachdadh ghazal mar rian san dàn Tòimhseachan (air an robh an t-ainm Dùthchas is Coigrich anns a' chruinneachadh Seòbhrach às a' Chloich):
... Am foghar ud nach robh ùbhlan air na craobhan
a bhuaineadh fear le sùilean no gun shùilean
thill mi dhachaigh,
a’ chiad uair, gun tilleadh gu mo dhachaigh;
aig an àm sin chuir mi umhail air mo radharc
gun robh fàilte romham mar fhear-tadhail
’s nach robh an dàimh
na bu lugha ann an sùilean mo luchd-dàimh;
gun ghlèidh mi mion-eòlas air an fhearann
’s ged a dhèanadh mo chasan an t-slighe gun mhearachd
nach robh lorg,
air talamh bog no frith-rathad, air mo lorg ...
Le bhith a' cleachdadh saothraich mar ghnìomhair gus turas-cuain a chur an cèill, thathar a’ toirt air an leughadair beachd a ghabhail air saothair no obair a’ bhàird, no nam bàrd fhèin ma thogras tu. Ann am faclair MhicAmhlaigh tha seo car cudromach mar a tha ri fhaicinn san dàn Aineolas:
Tha thus’ air do ghabhail a-steach annam
mar gach nì dearbht’ eile tha agam –
agus ’s e a their iad
gun tig thu eadar mi agus saothair.
Tha facal eile ‘saothair’ ann gun teagamh, a' tighinn bho saobh-thìr dham brìgh an tìr a nochdar aig ìsle-mhara eadar eilean tioram agus tìr-mòr. Tha e air ais ma-thà ‘mu ghob an Rubha Chaoil’ na sgal-creige den fhear-shiubhail ‘a thèid air fuaradh air gob an rubha’ ann an Tòimhseachan agus cuideachd na iomradh (leis an fhacal gob) air cainnt is conaltradh. Tha e an uair sin ‘a’ fannadh a-steach gu caladh/air a’ Phort Mhòr’ mar gum b’ ann a’ dlùthachadh ri deireadh a bheatha gu fann. Agus tha seo a’ cur air chuimhne mar a chaidh ‘an t-eilean às an t-sealladh/mar a shiùbhlas am bàta’ agus ‘uinneagan a' fannadh’ ann an Comharra-stiùiridh.
Seach a bhith a’ siubhal na slighe-mara an uair sin, tha am bàrd a’ coiseachd anns ‘an t-suan-shlighe’, mar a bha ann an Uinneagan nuair a choisich e ‘oidhch’ air sràid,/m’ aigne làn de fhilidheachd’. Dìreach mar a bha e uair ann an Ceartaigh le ‘saorsa bhalach’ ... ‘ann an tasgadh chnoc is òs’, seo e, na bhodach – mar a tha an t-iomradh air 2000 a’ cur an cèill – ‘an tasgaidh Cnoc a’ Charmaig’ agus na dhèidh sin mar sgal-freagairt a-rithist, ‘an tasgadh Cnoc a’ Chàrnain ’s a’ Chnuic Mhòir’. Tha an tarraing air na h-ainmean seo dìreach mar mhìr beag de dhinnseanchas an dàin agus ann an iomadh dàn eile le MacAmhlaigh. Chan eil lorg mhic an duine gann am measg nan ainmean seo a bharrachd. Seach dinnseanchas, tha mar gum b' eadh daonseanchas a’ buntainn ris na h-ainmean Rubha Taigh Phàil, Tobhta Chaluim Fìdhleir is Tobhta a’ Bhàird agus tha bàrdachd orra nan dòigh fhèin a rèir sin.
Tha na leasan (a tha nan comharradh-crìche) san àite dìreach ‘cearbach’ agus nan ‘athadach’ agus nan sgal-freagairt air an leas a thog a shean-seanair ann an Suaicheantas Tìm far a bheil:
... uinnsean gun gleidheadh leis,
’s ag iathadh nam feannagan glas
suaicheantas tìm na ràthan.
Agus a-rithist ann an Air Tràigh Bhòstaigh:
Air mo chùlaibh tha leas;
fo thuim ghlasa, suainte
às a' ghrèin
tha na daoine nan eachdraidh.
An dèidh sin, ge-tà, tha dìon is fasgadh rim faighinn ann an leas cuideachd mar a tha ann am Mar Chuimhneachan air Mo Sheanair:
... ann am baile mo chàraidh,
ged nach sir mi a rèite
’s ged as borb leam an t-sràid gu ceann-caol
tha leas ann a ghleidheas mo chraobhan
’s mo ghineal fo bhlàth ...
Tha cuimhne a’ sgaoileadh na cearcall, rud a chuireas crìoch an turais an cèill, agus a chuireas feum air facal a tha cudromach a rèir choltais san rian seo gu lèir mar ann an leithid Feitheamh Fhàs:
Bha an linne mar sgàthan
’s bha thus’ an geall
air a’ chnò a thuiteadh
le mìle cuairteag san uisge
le mìle cearcall nad shàmhchair.
Rèiteach a' Chòmhraidh:
... chuir na naoimh orra cearcaill òrail –
’s chaidh an còmhradh troimh-a-chèile ...
agus Suaicheantas:
O bòidhchead blàthan na claise,
’s am fàs tha tro a chearcaill dheòireach;
a shuaicheantas glèidhte ann am maise
eala-bhìth is neòinean.
Tha blàthan na claise agus àiteachan eile a’ tighinn am bàrr tric gu leòr san t-saothair seo, agus tha iad a’ cur chan ann a-mhàin ri cumhachd nan ìomhaighean ach cuideachd ri saidhbhreas na cainnte fhèin. San dàn Mar Chuimhneachan air Iain Mac a' Ghobhainn, mar eisimpleir, tha tarraing air:
... aodainn a' fosgladh
air raon nam blàth
air ùrlar a’ bhrisgein
’s na cairt-làir
’s a' bheàrnan-Bhrìghde bhuidhe ...
Tha cuimhne cuideachd ‘a’ turracail seòlaid na h-eala’, rud a chuireas an cuimhne strì a' bhàird ann am Prìosan:
... ri uinneag
fhosgladh:
a’ strì gu ruighinn air mo sheòlaid.
Tha an turas a’ dol air adhart an uair sin ‘a-null air gàrradh na Buaile Ruaidhe,/suas ris a’ ghàrradh-cùile chun na cachaileith’ far a bheilear a’ briseadh bheàrnan (saoilidh mi) seach am bodach ann an Crìonadh:
... choisich thu an dubhar cràbhaidh;
thug thu gàrradh
mu do ghrian.
no a’ chailleach ann an An t-Sean-bhean:
Choisich thu crotach
le do bhata
sìos ris a' ghàrradh ...
Mar cheangal eadar eilean is ealain, tha an crodh ann ‘ag èigheachd duan an eadraidh,/a’ dian-phutadh a chèile gu crò’. ’S e comharradh-crìche eile a tha sa chrò no rud air iathadh mar a tha ‘crò mo spèise’ ann an Uinneagan agus ‘crò m’ eachdraidh’ ann an Leasachadh. Tha ‘leus an fheasgair’ ann na chrìoch cuideachd, a chuireas rudan am follais is am falach le chèile mar ann an dàn mar chuimhneachan air Iain Mac a' Ghobhainn:
Eadar mi ’s leus
chì mi do dhannsa
ri gaoir na gaoith’ is na mara
thall air bruaichean a’ chladaich
am measg nam badan feòir
anns a’ phunnd eascaoin
air an droigheann-làir
anns a’ mhuran gheur-lannach ...
(’S e tha mi a' ciallachadh le crìoch gun teagamh dùthaich, dealachadh agus deireadh, rudan a tha a’ nochdadh gu ìre air choreigin san dàn seo. )
Tha e a’ cumail air, agus an coltas air nach ann dìreach air ‘suan-shlighe’ a tha e ach air ‘mullach Thotarail’ a-nis ‘a-nall am frith-rathad chun na Ceàrdaich’, rud a bheir air ais gu Foghar, 1953 fhèin sinn agus
... roinn a thug mi leam
cuimhn’ air na gucagan bàidh
aithn’ air gach frith-rathad ceum-mhion ...
agus, mar a chunnaic sinn, gu Ceartaigh agus gu meòrachadh mun dùthchas na choigreach ann an Dùn Èideann.
Tha an gluasad bho shuidheachadh gu meòrachadh mar a th’ againn nuair a tha am bàrd ‘ag èisteachd ri agallamh mo dhaoine’ san àite ‘far na shaothraich’ a chuideachd fhèin, air an aon rèir ri mòran de na dàin le MacAmhlaigh, fiù ’s ged a bhiodh feadhainn dhiubh a’ tighinn gu crìch le ceann-teagaisg no teachdaireachd nach eil daonnan tarraingeach leithid ‘Gun teagamh/tha ar sìobhaltas neònach’ ann an Latha Fhèill Pàdraig, 1974 no ‘Tha sinn ag altramas misg thuathal’ ann an Cha Dèan an Sean Rian a' Chùis.
Seo am bàrd a-mach a-nis air a chridhe fhèin, seach an cridhe mar rud beachdail mar ‘an cridhe ag atharrais air an deannal’ ann an Tha Gaoir na mo Cheann agus ‘an cridhe dol mun cuairt gu mion’ ann am Prìosan. Tha e cuideachd a-mach air saorsa, math dh’fhaodte ann an dà bheachd, oir tha i ceangailte ri feist ach tha i cuideachd a’ daingneachadh na th’ aige de dhàimh ri thalamh eòlais, seach ‘saorsa/fhuadan nach tuig mi’ (Fèin-fhìreantachd) no ‘fear de mo shinnsear … an co-shnaidhm ri saorsa’ (Leasachadh) no a-rithist an t-saorsa ‘gun ghuth air a-màireach/no air ceann – no cridhe – goirt’ ann an Tha gaoir na mo cheann. ’S ann a tha e cuideachd a-mach air a fhreumh fhèin seach ‘do fhreumhan’ ann an Leigeil Às agus ann an A' Chraobh, an
... duine ga altachadh fhèin
a’ ruighinn chun an t-solais,
’s a fhreumhaichean air fabhd
ann an uamha dhoirbh eachdraidh ...
Tha an dàn a’ tighinn gu crìch le ìomhaighean a tha coimheach dùthchasach agus nan eisimpleirean barraichte de shaidhbhreas na Gàidhlig agus nan daingneachadh tarraingeach air na faireachdainnean domhainn bunaiteach a thathar a’ nochdadh. Tha ìomhaighean eile ann aig an deireadh an uair sin air a bheilear eòlach agus gu math eòlach. Chaidh iomradh a thoirt air a’ chearban anns a’ chuimhneachan air Mac a’ Ghobhainn:
... aodainn a’ tighinn beò a dhanns'
ris a’ chearban ’s ris a’ chanach
ri gille-gorm na goiceil
ri sìthean bàn-dhearg na mara ...
agus tha sinn air ais air a’ cheann thall far a bheil dàimh ‘cho righinn ... ris an t-seòbhraich …’ (gun dùnadh). Tha seo gar toirt air ais gu na ‘lann-bhilean seòbhraich’ (Bha na làithean ud luaineach); caidreamh seòbhrach-bhileach (Ròs is Dris); an t-seòbhrach anns a' phalladh (Earrach) agus ceann-fàth bàrdachd MhicAmhlaigh (ann an seagh) ‘gun tig blàth às na clachan’ (Mar Chuimhneachan air Mo Sheanair).
Tha am bàrd (no an dàn, no nas fheàrr buileach, an guth, facal a tha a’ ciallachadh a rèir faclair Dwelly, glòr is bàrd le chèile) air ceann-uidhe air a bheil agus anns a bheil e gu math eòlach a ruigsinn agus tha seo dìreach a’ daingneachadh na cùise. Mar a bh’ aige o chionn fhada aig deireadh Soraidh (facal cumhachdach):
... ’s doirbh cur an cèill,
gun neo-chaoine
g’ eil am baile
ri sìor dhol an cumhainge
mar a leudaicheas saoghal
’s nach ann ormsa
a-mhàin
thàinig tionndadh –
’s gu h-àraid
is doirbh cur an còmhradh
ged a tha ’n tionndadh do-choisgte
nach lùghdaich an cor sin
mo bhàidh.
agus a-rithist ann am Mar Chuimhneachan air Mo Sheanair:
...’s am baile mo thogail,
an àm seirbh agus crìonaidh,
’s na fìon-leasan bàn
a chaidh seachad air feirg dhomh,
cha shaoil mi do-dhèanta –
fo bhreacadh grian fàis
gun tig blàth às na clachan.
Chan eil mi ag ràdh air a’ cheann thall, leis na th' ann de chianalas, de cheòl is de chomhardadh, de chainnt dhùthchasach (athadach, can) nach eil cho gnomic (mar a thuirt Iain Mac a’ Ghobhainn) no mandarin (mar a thuirt Iain MacAonghais), de chleachdaidhean sònraichte a tha mar chomharrachadh air dìreach a’ ghuth aige fhèin (san t-seagh seo, saothraich, fannadh, seòlaid, iomairt, iathadh, dligheach, deilbh, tearbadh, gnàthach agus an leithid), de chruth na tìre, de shluagh agus de shaoghal nan luibh is nan lus nach gabh an dàn seo (agus caob math eile de shaothair Dhòmhnaill MhicAmhlaigh) leughadh mar eisimpleirean barraichte de bhàrdachd-baile. Seadh, tha MacAmhlaigh na bhàrd-baile, bho bhaile a leanabachd gu baile a thogail gu baile a chàraidh, mar gun cante, agus a’ nochdadh rudan air an tug e tarraing a rèir seo ann an Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig: sgìreileas, linn an òir, an eisimeil a dhùthchais, sgaoileadh eadar e fhèin agus eilean àraich, dìlseachd sgìreil, an t-sinnsearachd air a h-ainmeachadh agus air a suidheachadh an àite àraidh. Agus cò eile, gu deimhinne dhut, am measg nam bàrd againn gu lèir nach eil na bhàrd-baile cuideachd, gu ìre air choreigin, an ainm an àigh?
↑