Northwords Now Issue 34

The FREE literary magazine of the North

fo sgòd

by Iain S Mac a’ phearsain

am bàta-seòlaidh
daolag gheal is dhubh
a’ snàigeadh a-null
gu tìr-mòr
mar deur a’ leantail  a shlighe
tarsainn clais sa ghruaidh

gus an ruig e ’m port thall
goirid bhuainn
àit’ a chì thu
air èiginn
bho bhos a seo
caillte sa cheò an-diugh

mar chrìoch àraidh
cràidh

mar bhuille
nad bhroilleach

’s tu cumail d’ anail
fo sgòd ’s do dhùil