Northwords Now Issue 35

The FREE literary magazine of the North

Am Maraiche

by Aonghas Pàdraig Caimbeul

Sheòl e na seachd cuantan
a’ faicinn na grèine
ag èirigh os cionn Beinn Fujiyama
air madainn shamhraidh.

Na sheann aois,
shuidh e air bogsa fiodha
aig ceann an taighe,
a shùilean air fàire.

Nuair bhruidhneadh e
bha cianalas na ghuth,
mar gun robh e cluinntinn dualchainnt Apainn
a-rithist, na dhùthaich fhèin.