Northwords Now Issue 35

The FREE literary magazine of the North

Gaol rònach

by Dàibhidh Eyre

Tha e cunnartach an seo
ann an doimhneachd na mara
far am bi mi a’ snàmh,
a’ sealg d’ àilleachd.
Ach tha e doirbh a shealg
ann am fuachd an uisge
agus tha m’ fhalt a’ tionndadh gu feamainn.

Is neamhnaid thusa,
paisgte ann an slige
a tha tiugh air m’ fhiaclan,
garbh air mo theanga,
slige nach gabh a bristeadh
le fiacail neo facal,
agus, le sin, tha thu sàbhailte bhuam.

Is tha sin mar bu chòir -  
thig d’ fhosgladh leat fhèin,
air tràigh bhlàth làn solais
air latha socair ciùin,
latha nuair a chì iad
na chunnaic mise o chionn fhada,
iongantas àillidh do chumadh.

Agus chì iad mo cheann
air uachdar na mara,
falt a-nist na bian,
mo shùilean mòr’ dubha,
agus chì iad an corp agam
na laighe air an uisge,
’s e reamhar. Cho reamhar ri ròn.
An t-eilean is an tìr

Thug am bàt’-aiseig mi air falbh bhon eilean         
a dh’ionnsaigh beanntan mòra na tìr’                
agus thòisich mi a’ coiseachd, le pian.                

Agus chunnaic mi bho sgùrr, air bhioran,            
nach robh san tìr mhòr ach eilean ciar.             
Thug bàt’-aiseig eile mi air falbh bhon eilean.            

Air an taobh thall, ann an dùthaich chèin,             
thòisich mo thuigse a’ tighinn gu ìre,                
agus thòisich mi a’ coiseachd, le pian.                

Chan eil cuimhne a’m na h-uimhir de mhìltean            
a dh’innis dhomh fìrinneachd na mòr-thìr’ -    
thug bàta mi air falbh, oir bha i na h-eilean.             

Seòladh gun sgur air na h-uimhir de bhàtaichean            
agus a’ siubhail air mòr-thìrean eile, mas fhìor -
eileanan far an robh mi a’ coiseachd, le pian.

Le ùine dh’fhàs mi sgìth is seann -  
thill mi gu far an do thòisich mo bhuille-cridh’.
Thug an aiseag mi air ais dhan eilean
agus choisich mi dhachaigh, le pian.
Reifreann