Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Aig ochd bliadhn’ deug

by Màrtainn Mac an t-Saoir

Aig ochd bliadhn’ deug
’S e an-diugh is chan e a-màireach no an-dè do chùis.    

Aig ochd bliadhn’ deug
Fanaidh cuid de rionnagan laiste air feadh an latha
Tha blàths ùr anns gach gealach mu seach.

Aig ochd bliadhn’ deug
Na can ‘cha dèan mi sin a-chaoidh’
Ach freagair: ‘Seadh, inns dhomh tuilleadh.

Aig ochd bliadhn’ deug
Na cogair do shunnd
Nuair a ghabhas sin seinn.

Aig ochd bliadhn’ deug
Seòl do bhàta le sgòdan glice slaodte
Ach le dùil ri soirbheas ceart cothromach

Agus aig cocktail-party ochd bliadhn’ deug:

Ged a nochdas jazz no-chòrdte is hip-hop aig an aon àm; strainnsear
le ukeleli is pac chairtean le feadhainn ga dhìth; an nàbadh shìos an rathad, ris nach do bhruidhinn thu riamh, an tòir air rud a chàraicheas a bhaidhseagal; taibhs’ bàrd cliùiteach na Gàidhlig is an dàn aige nach do thuig thu ceart; bruidhinn bhochd; brot ro shaillte agus an tè ud (tha fhios agad cò) a bha daonnan caran fad’ às leat.

’S i an aon cheist a dh’ fheumar a chur orra uile:
bheil sibh ga h-iarraidh crathte (shaken?) no air a cur mun cuairt (stirred?)