Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Am Baton-brèige

As dèidh Reifrinn 2014

by Fearghas MacFhionnlaigh

Cnuic Loch Nis fo sneachd an-diugh.
Cuirm-chiùil àm-lòin Radio 3.

Denis Kozhukhin air piàno.
Mussorgsky: ‘Deilbh aig Taisbeanadh’.

Cha d'thàinig e. Ar saorsa.
Tha sinn air fàs ceòl-bhodhar a-rithist.

Bha Geata Mòr Kiev an siud
a’ fosgladh fa ar comhair le glòir

ach chaidh slabhraidhean ceilte
a shlaodadh agus dhùin e le dìosgan.

Saoil cò thug an àithne chealgach ud
los eòin cheòlmhor na maidne a mhùchadh?

Cò an dearg-bhrùid a bhris meòir ar luchd-ciùil?
Am fear-brath a bheartaich glas-ghuib air a’ chòisir?

Cò leis an làmh shlìom a dh’iomair am baton-brèige,
slacan-draoidh slìogach co-fheall na tostachd?