Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Cathair Naomh Pheadair

by Fearghas MacFhionnlaigh

Cathair Pheadair na Ruise am bliadhna.
Stèisean fo-thalamh cho domhainn ri cumha.

Easgaileutair Sòibheadach neo-chrìochnach
na shìor shruthadh mar dhubh-liosta Stàilinn.

A’ chlisge ruitheam threunairean de dheagair
a’ snìomh seachad air na dromannan croma

na ruith suas gu sunndach dhan t-solas
air Nevskiy Prospekt eadar-nàiseanta

far a bheil Tolstoi is Soilsinìtsin air an dòigh
nan suidhe còmhla ri càch ann am McDonalds

ag ithe diathaid deagh-shaillte “??? & ????”*
am bogadh ann an fhìon-gheur Cirilise.

(*Faclan Beurla “Fish & Chips” sgrìobhte ann an litrichean Rùisis. Air postair-uinneige Macdonalds)