Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cha Tig An Aois…

by Maggie Rabatski

3.17m:
Cat a’ sgalartaich airson bracaist
gam dhraghadh às an leabaidh,
aois agus tinneas
an dèidhs a’ cur trulainn.

Thig an sgàthan orm gun fhiosta
mas fhaigh mi buileach nam dh?isg -
cailleach iargalt’ air choreigin,
gruag mar choc-feòir air dhroch-shadadh
ri gèile;
gùn-oidhche, dh’ìnnse na fìrinn,
a b’ fheàirrde sgolag.

3.21m:
Tha ’n cat air an dàrna soitheach
ocean-fresh salmon for senior cats
is tha mise ag òl cofaidh làidir
às a’ mhuga a bhoineas dha
‘Glamorous Granny’.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media