Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cladh Iùdhach Ghlaschu

by Fearghas MacFhionnlaigh

"Ma thèid sionnach suas,
brisidh e sìos am balla cloiche."
(Nehemiah 4:3)

Ciaradh feasgar Ghlaschu an Ear.
Balla-cladha air an leathad thall.
Fon graifìti, madadh-ruadh mar thaibhse.
A cuileanan sgiamhail ri falach-fead
am measg nan seann leacan fiara.

Dà là às dèidh a chèile,
thàinig luchd-tuiridh Iùdhach
air an èideadh gu dorch,
ach cuideigin ann le còta dearg,
mar shealladh à ‘Liosta Schindler’.

A h-uile clach sa bhalla ud
le a sgeul briste fhèin.
Na h-aonar sgapte ‘s air call,
ach còmhla ri chèile nan seasamh,
graifìti ann no sionnaich às.

↑

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media