Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Claisneachd Ri Cluais

by Màrtainn Mac an t-Saoir

Ri spàirn gun farchluais air a’ chòmhradh
cailleachan is iad cruinn, mum bòrd-san!
’n dèidh bhith snàmh, is làn am beòil ac’
de naidheachd iargalt’ air càirdean leòinte:

a thuit air deigh no leis an staidhridh,
no bhàsaich mun Bhliadhn’ Ùir gun taic ann,
’s nach robh math gu dannsa ruidhle
latha a b’ fheàrr ’ad, no idir fialaidh
nan gnìomhannan, nan smaointean spìocach,
no air dèiligeadh ri caochladh tìme,
is mur a b ’e ’s gun deach an cùmhnadh
le diomaineachd an cèile ghaolaich
’s fhad’ o bha iad air saoghal a thrèigsinn -
aghaidh a chur air uabhar èige,
is nach b’ airidh air aon bhliadhna shàbhailt’
dhe na choisinn iad gun ghean, gun tàmailt
Dia nan Gràsan (’n Tì tha gòrach!’),
iad-siud sìor-mhiannachadh a thròcair
is…


Theab mi leum ’s an clab a mhùchadh,
bròg a shradadh, no le glaodh om bhrù-sa,
ach dh’ iarr mo dhàn mi dhèanamh èisteachd:
briathran fhaotainn - gun fhios nach m’ fheum iad.