Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Cloc gun Chlì

by Màrtainn Mac an t-Saoir

Thìm.
Thus’ an trustar,
Thus’ an diog-diabhail.

Thusa dròbhair,
nan cabhag-dhàn
nan garbh-ghràdhach
nam bloigh-shealladh
nan deann-dìcheallach-dèirceach,
ar crìche,
ar sàr-chrìche cianda craicte.

Thìm, o a Thìm!

Uair, is chan fhad’, ach a chianamh
chailleadh sùrdag, latha-samhraidh,
thu
no caoibhneas obann nàmhad
no plaide dòchais san anmoch.

Cha b’ uabhasach idir,
B’ fhurasta do chur am màileid
B’ ait gach braoisgeil nuadh thar fàire

Thusa, a Thìm
Thus’ am blaigeard,
Thu fhèin an garbh-dhiog
Thu fhèin an crìon-dhàn, thu fhè…


Sannt, bu leatsa, air an earar, fòs.
Leat, sealbh ’m feasd air an dearg-dhiugh.