Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Guth air a' Ghaoith

by Fearghas MacFhionnlaigh

Mac-talla saighdeir òig
fo fhòid Chùl Lodair:

“Abair na mìltean
de gheòidh ghlòrach
a sgèith thairis  
air na leòinte
an là reòite ud
a fhuair mi am bàs.”