Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Nollaig san Eighealaich

by Màrtainn Mac an t-Saoir

Null
mu thrì uairean
air gainmhich
nach gabh, nach gèill
suathaidh solas lag:
grian is gealach,
air an cur air chothrom.


Cò aca, ma-thà, leis is leis am biùg?
An gabh coiseachd fodha?
Agus an rud as motha nach fhaicear,
o nach aiteamh conair,
mun neartaich an liath, a-nochd tuilleadh,
san lomnachd làn?


Tha a’ bhò chonadail ud fhathast a’ siubhal a criomain
agus cus a chaoraich nach do chronaich iad fhèin far nan càs-chreagan.
Ach ’s e sgal cruaidh nan con as miosa, ‘’S e, ’s e, nach eil fhios gur e!’
Ged as fhad’ às tùs am bòlaich – cha chiùin, cha chatharanach, cha cheart.


Air a ghlùinean,
thèid leth-bhodach
air beulaibh bogsa nach bior fearg no faothachadh
fhad ’s a bheir a bhean bhalbhaicht’ cluas do shrann anmoch
an ogha bhig.

“Is macan àlainn ceutach, Thu!”

Is dè as reusan dhi dhol ga dhùsgadh,
gun iad-sin roimhe a-rithist, an diugh?

Rùn, a thoirt beò
is a bheathachadh
is a thabhachd gu fialaidh
air fuath an t-saoghail,
do-ruigsinn, claon.
An aimsir cho buan.
A chall-san cho cinnteach.
A h-ùrnaigh na deigh mu a cridh’.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media