Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Òran Eile do Joilìn*

by Màrtainn Mac an t-Saoir

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Oh ’s e do bhòidhchead is do shnuadh
dualan lasrach is gruag ruadh
a bhuair mi is a leòn mo chrìdh’ Joilìn.

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Anail-earraich na do ghàir
guth cho maoth ri samhradh blàth:
tàlantan fìor ainneamh measg nam beò.

Nuair bha mi ann am meadhan gaoil
lem òg-bhean chaoimh is sinn mar aon
’s ann thàini’ tusa eadarainn Joilìn

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Is ged gheibheadh tu do ragha-cèil’
thug thu a’ chreids’ gur leam do spèis
is mheall thu mi le sùilean uain’ làn foill.

Is chaidh mo ribeadh fo do chumhachd
mar luch aig spuir an fhithich luaith
is theann mi ri mo chiall a chall Joilìn.

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Ge b’oil leam thug thu orm buaidh
’s ann ort a bhruidhinninn na mo shuain,
is dh’ fhuiling i gach lid’ air cluasaig-chinn.

Is ghuidh i ort na h-òran binn
gun mis’ a thàladh is leigeil leinn,
ach dhiùlt thu bhith gun mhì-ghean dhuinn Joilìn.    

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Is lean mi thu mar ghloidhc gun tùr
a dh’ ionnsaigh olc do bhrìodail chiùin
is cha do dhùisg mi, gus an deach mo chnàmh.
Ach mhuthaich mi lem shùilean fhìn
an deidh dhuinn greis air suirghe
nach ionnan miann air feòil’ is gaol, Joilìn.

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Is nuair rinn mi tilleadh gu mo ghràidh
cha b’ urrainn dhi bhith a’ cleith a cràidh:
’s ann sheall i dhomhsa deòir a soraidh-slàin

Is b’ fheàrr leam nach do thachair riamh
gun deach mo tharraing às ar sìth
is gun d’ chaill mi na bha prìseil dhomh, Joilìn.

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Is nam faicinn thu a’ gabhail ceum
air cabhsair cruaidh no sràid leat fhèin
chan iarrainns’ bhith nad àrainn no nad chòir.

Ach uair is uair is mi seo leam fhìn
air eilean m’ fhàsaich fad od thìr
bidh d’ ìomhaigh ruith mo bhruadaran, Joilìn!

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa, a luaidh, an tè
nach toigh leam fhìn.

Joilìn, Joilìn, Joilìn, Joilìn,
’S tusa an tè a luaidh
nach toigh leam fhìn.

* A rèir beul-aithris cuid is fathannan feadhainn eile ’s ann às fear de dh’ eileanan na h-Alba a bha an duine a dh’ fhàg a leannan airson Joilìn. Some say that the guy who left his woman for Joleen was a Hebridean – others don’t.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media