Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Port-adhair Ghlaschu

by Fearghas MacFhionnlaigh

Nam shuidhe
taobh thall
an raoin-laighe.

Mo smaointean
a' tadhal
air saoghal eile.

A’ gabhail miann
air Reykjavík
seach Lunnainn.