Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Rèite

by Deborah Moffatt

Bidh na mairbh a’ bruidhinn san oidhche
’s mi gan cluinntinn – thu, mo rùin,
a’ tadhal air mo mhàthair,

cofaidh ’s toitean sa chidsin, còmhradh beòthail,
mu phoilitigs agus litreachas agus ceòl,
Marx agus Shakespeare agus Bach,

i furanach, fialaidh, thu dàna, cinnteach;
seòrsa rèite, bhiodh e, ach air beag stà,
i marbh fad bhliadhnaichean air ais,

thu fada bhuam ann an eilean do-ruigsinn,    
mise do-fhurtachd nam leabaidh luim,  
ag èisteachd ri gliocas nam marbh.