Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Ruith na searbhaige

by Dàibhidh Eyre

Tha i annam, annainn uile, searbhag na broinn -  
a’ tionndadh ar n-arain làitheil a bhith na lionnach làn
phròtainean, is mèinnearan, na tha deatamach ‘son a bhith slàn -
a’ faighinn cuideachaidh bho na fèithean, a’ gluasad ann an tonn.
Searbhag cho cumhachdach gun sgùradh e stàilinn, donn
le meirg, gus a bhiodh i a-rithist, drilseach, gleansach, glan;
cho cumhachdach gum feum a’ bhodhaig a cumail a-mhàin
san stamaig, gus na buill eile a dhìon bho losgadh teann.

Ach gu tric, dhomhsa, chan ann mar sin a bhios cùisean a’ ruith,
is searbhag ag èirigh nam sgòrnan, nam amhaich, nam bheul;
a’ grodadh m’ fhiaclan, a’ tighinn thar na teangaidh anns mo chlab,
a’ tighinn thar mo bhilean agus gam fhàgail ann an cnap
mòr, is mi a’ dìobhairt - mar gu bheil mi a’ call mo chiall;
a’ cur às le pian searbh na rudan bunaiteach nam bhroinn.