Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Stiùbhart ann an Nua-Eabhrac

by Fearghas MacFhionnlaigh

Chòrd Nua-Eabhrac ris glan.
Naoidheamh làr Taigh-òsta Shelburne.
Sàr-shealladh dhen Togalach Stàit Ìmpireachd.

Ach dhùisg seo gu dona an tuaineil-àirde aige.
Bha an taigh-òsta trang, ach air a’ cheann thall fhuair e
rùm le sealladh nas miosa shìos air an dàrna ùrlar.

Tha duilgheadas aige fiù’s le drochaidean àrda.
Agus thàinig iad tarsainn tè àrd dha-rìribh air an t-slighe -
Drochaid Queensboro.

“Carson a tha feagal ort ro dhrochaidean
nuair nach eil dragh ort a thaobh itealain?”, dh'fhaighnich mi.
“Och tha sgiathan orrasan”, thuirt e.

Mar a b’ fhaisg’ a thàinig crìoch a làithean-saora,
is ann a bu mhò a ghabh e sgàth. Oir b’ ann taobh thall
Drochaid Queensboro a bha port-adhair JFK.

Thòisich e ag òl mus do dh'fhalbh e.
Ann am bàr traidiseanta faisg air an taigh-òsta.
Pinnt lagar. Is beag feum a rinn seo, gu nàdarra.

Mhìnich e a’ chùis gu nighinn a' bhàir.
“Feumaidh mi dol tarsainn Drochaid Queensboro
air an rathad dhan phort-adhair. Tha iomagain mhòr orm.”

Lagar eile. Cha do rinn seo cobhair na bu mhò.
Glainne fìon. Glainne fìon eile.
Cha robh an stuth seo a’ dèanamh a’ ghnothaich.

“Carson nach do shluig thu tè mhòr no dhà
de uisge-beatha?”, dh'fhaighnich mi dheth.
“Och cha toigh leam spioradan”, fhreagair e.

Air a' cheann thall siod e a-nis air a' bhus
air an t-slighe iomagaineach dhan phort-adhair,
an drochaid a’ sìor fhàs na b’ eagalaiche na inntinn.

Drochaid àrd Queensboro a' sìor dhlùthachadh ris.
Drochaid ag èiridh na amharc a-nis. Cridhe ag èiridh na uchd.
Ach gun dùil nach deach am bus a-steach tunail fon abhainn...

Tuaineil-àirde gu tunail-ìsle!