Northwords Now Issue 37

The FREE literary magazine of the North

Teann a-nall ’s thoir dhomh do làmh

by Aonghas Pàdraig Caimbeul

Nuair a chì thu bodach,
cuimhnich gu bheil e fhathast
deich bliadhna dh’aois
agus a’ seòladh bàta-seileastair
sìos an abhainn gu Afraga.

Agus nuair a chì thu cailleach,
seall oirre leum tarsainn an ròpa
le firum-faram hò-rò-gheallaidh
’s i (fhathast)
a’ buain na rainich taobh Loch Èite.

Tha mi air bus
nan seann daoine
a’ dèanamh air Uibhist
chùbhraidh ùr nan gailleann,
far a bheil (fhathast) am feasgar ciùin ‘s na siantan blàth...