Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Budachas Zen Inbhir Nis

by Fearghas MacFhionnlaigh

Droch-shìde ann an Inbhir Nis an-diugh.
Luchd-turais Sìonach air an slighe sìos Sràid
a’ Chaisteil is soillseachadh a dhìth orra.

An cuid fhaileasan a’ suathadh gun fhiosta  
ri ceann mòr ud a’ Bhuda ri fiamh-ghàire
am broinn uinneag fliuch a’ ghruagaire thall.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media