Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Cleas na Neasa

by Deborah Moffatt

Seall mar a tha an neas
a’ sealg nan coineanach le caraireachd,
a’ dannsadh na caothach
mu thimcheall a creiche,
ga chur fo gheasaibh
ri a mire ghòrach.

Bidh thusa ris an aon phlòigh,
a’ spaidsearachd  tron bhaile,
teine nad shùil,
dèine nad ghuth,
gar fàgail nar breislich
le do gheallaidhean breugach.

Cleas na neasa
a bhith ag atharrachadh a dath
a rèir na h-aimsire,
agus thu mar an ceudna

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media