Northwords Now Issue 38

The FREE literary magazine of the North

Fiùran is Dùsgadh

by Lisa NicDhòmhnaill

Bithear ag ràdh gu bheil
Ògan nas treasa ‘s e air fàs
An cruadalas gaoithe.

Gu cinnteach, chuireadh sin às
Gach fear nach eil deimhinn.

A bharrachd air sin, ge-tà,
Thèid a char-thionndadh mar chuairt-shlugan
‘S bidh a laigse na neart dha:

Snàthainnean snìomhte fiaraicht’
A chuirp air lùbadh gu làr
Far am briseadh na craobhan dìreach.