Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Na Rionnaich

by Lisa NicDhòmhnaill

Ri taobh Loch Fìne ghrianach ghaothach
Am balachan bàn,
Sia bliadhna a dh’aois.
Cho glic ri bradan,
Cho àrd ri ògan sa choille,
Ged is mòr fhathast iongnadh:
A’ leum ‘s a’ bualadh an adhair -
Tha a dhà againn; tha seanair air a dhà a ghlacadh!
Na lasairean airgid
A’ riochdachadh aoibhneas a chridhe.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media