Northwords Now Issue 38

The FREE literary magazine of the North

Pronn-Fhicsean: Eapasod Pìleatach

by Fearghas MacFhionnlaigh

“An còta! An còta!” dh’eugh e rium ’s e a’ gabhail grèim a’ bhàis air caol mo dhùirn. Fàileadh na trannsa ’s dathan a’ bhrat-ùrlair a’ snàmh air oir mo mhothachaidh. Is ann air at le fearg a bha an t-aodann cruinn aige ’s e air fàs cho dearg cha mhòr ris an trusgan fo dheasbad. A cheart cho dearg gu dearbh ris na sùilean fuilteach aige. As bith dè bu choireach cha d’èirich m’ fhuil-sa fhìn idir. Choimhead mi san dà bhòrr-shùil bhagrach ud. Gun fhacal a ràdh shnìomh mi mo làmh às a chuid greime fhallasaich ’s chùm mi orm a-mach à doras an taighe-seinnse dhan oidhche fhuar dhorcha. Bha mi ’n dùil ri tuasaid mhosach a-muigh an sin air na leacan reòthanach drithleach, ach rim iongantas cha do lean e a-mach mi idir. A cheart cho math, thuirt mi rium fhìn. Às dèidh còig mionaidean no mar sin, ’s cinnt agam nach robh e gu bhith nochdadh, thog mi orm dhachaigh slighe taobh na h-aibhne. Letheach rathaid thàinig baog fodham agus rinn mi stad. Le braise rolaig mi an còta ri chèile gu teann agus thilg mi e lem uile neart a dh’ionnsaigh teis-meadhan an t-srutha chais. Sheas mi a’ gabhail beachd air, fad às san duibhre, tro ghlumagan de cheò-neimhe m’ analach truime. B’ annasach an dòigh a lìon druim an trusgain gu crotach agus a dh’fhosgail na muinichillean gu grìseach mus do shleamhnaich e gu slaodach à sealladh, dìreach mar chuideigin a’ dol fodha gun strì, le loinn, an comhair a chinn. Carson a rinn mi a leithid de dhearg-amaideas? Dè am feum? An robh cion-fàth ann idir? Air chinnte, cha robh geur-chùis ann co-dhiù. Air a’ cheann thall, shùigh mi a-steach aon anail dhomhainn, a’ faireachdainn mo chliabh a’ lìonadh. An uair sin leig mi m’ anail às a-rithist gu mall. Mhothaich mi fois iongantach an aghaidh mo dhùil. Bha sàmhchair dhubhach agus fuachd ceòthach uisgeachan allaidh do-thomhas na h-oidhche ud air leigheas air choreigin a thoirt dham chridhe chràidhte. Bu mhise a dh’fhàg an taigh. Cha bu mhise a thill. Astar goirid. Turas fada.