Northwords Now Issue 38

The FREE literary magazine of the North

Siosar agus Snaidhm

by Fearghas MacFhionnlaigh

Snaidhm bheag nam fhalt
a’ sìor-obair orm gu h-àrd.

Air a’ cheann thall a’ lorg
siosair gus a gheàrradh às.

Fìor-iongnadh às ùr orm cho liath
’s a tha a’ chiabhag shuarach nam bhois.

Seachdad bliadhna dh’aois a-nis,
’s e a’ cur orm gu mòr mo leisgeul

iarraidh air a h-uile h-anam duine
ris an do choinnich mi rim bheò.

Ach tha fhios nach eil siosar ann a ruigeas
air a leithid de shnaidhmean cinn.