Northwords Now Issue 38

The FREE literary magazine of the North

seann chleòc

by Iain S Mac a’ phearsain

’s e seann chleòc
    a th’ anns a’ phian
mhòir a shiùbhlas leinn
    bho chian nan cian

briogais theann a chuireas
    a’ chas bheag oirnn uile
nuair a shioftas sinn
    gu togail oirnn, lath’ buidhe

’s e searbh-lèine a th’ ann
    gar tachdadh bho chùl
na h-amhaich’ sìos gu
    bonn na broinn’, tha mi an dùil