Northwords Now

New writing, fresh from Scotland and the wider North
Sgrìobhadh ùr à Alba agus an Àird a Tuath

editor@northwordsnow.co.uk Twitter Facebook Search

Am Fearann

by Lisa NicDhòmhnaill

Beinn Mhòr na Còigich ‘s nan slèibhtean àrda geur,
Sula Bheinn an riochd dìneasair drum an t-siùil bhiorach,
Stac Pollaidh na cuirm-cnuic
‘S nan ceapairean blasta -
Na seallaidhean mòra a thogas do chridhe,
Ach taighean le ceò ast’ chan fhaic thu.

Eilean an t’ Samhraidh air mo chùl
Am bàta luath orains gam sguabadh air ais gu tìr
‘S mi gan coimhead às ùr, na cumaidhean
Ainmeil m’ eòlais
Gu tur diofraicht’ o fhradharc eile.

Blàr a’ Chumhaing (1882)
Na croitearan nan èiginn
Chan eil teagamh gun robh iad gaisgeil curanta treun
Cha mhòr, ge-tà, nach robh roghainn sam bith romhpa.

Eilean Shanndaidh ìosal crùbte
An dìneasair na chadal, ciùin.
Bha crodh is caoraich ann
Mus do thog Dick taigh-òsta air an robh
Am Byron Darnton, an dèidh bàt’ a chaidh sìos faisg air.
Rinn e aran cùbhraidh ùr gach uile latha
Uighean air bhlas salainn on a rùraicheadh
Na cearcan tron fheumainn.
Cheannaich dithis bhancairean an t-eilean -
£2.5 muillean.
Thàinig iad a-null às an Eilbheis triop no dhà
‘S coma leatha uinneagan briste nan taighean
Fhad ‘s a tha na dealbhan fhathast snog san Investment Portfolio.

Northwords Now acknowledges the vital support of Creative Scotland and Bòrd na Gàidhlig.
ISSN 1750-7928 - Print Design by Gustaf Eriksson - Website by Plexus Media