Northwords Now Issue 39

The FREE literary magazine of the North

An Cèilidh

by Aonghas Pàdraig Caimbeul

Shuidh Dòmhnall Sheumais ceann na beinge
ag innse mu Fhionn
agus an claidheamh sìosadach suasadach
 
agus sheinn Peigidh, an t-òran ud
‘son banntrach Ailein Dhuibh
fhad ’s a ghoil an coire
 
’s an uair chaidh na solais air
bha Goya na shuidhe an sin san oiseann
tarraing dealbh,
Mozart a’ seinn na pìoba,
agus Fitzgerald ag innse dhuinn
mar a mhill airgead is cliù
Fionn, agus adhbhar gach nì.