Northwords Now Issue 39

The FREE literary magazine of the North

Bidh Mi Alright

by Lisa NicDhòmhnaill

Bidh mi alright.

Dùsgadh geur na h-oidhche duirche dlùithe,
Fo mhulad, fo bhròn, fo dheòir
Cràdh mo chridhe gam sgiùrsadh
Nam aonar san dorchadas carach cruaidh ach

Bidh mi alright.

Goirteas searbh mum thimcheall
Far an robh do ghàirdeanan
Nan cearcall blàth sàbhailteachd
‘S iad gam chumail ciùin dòigheil gaolach ach

Bidh mi alright.

Dòchas mo chridhe ‘s mo bheatha
Mar eunlaith nan speur a’ ceilearadh
Air tuiteam gu làr le truime chloiche
‘S air spreidheadh na phìosan ach

Bidh mi alright.

Thig an latha, ‘s mi le aoibhneas is sunnd
No fo eagal ‘s fo fhiamh
Air mo chur ri chèile a-rithist
A’ feuchainn às ùr, a’ cumail a’ dol.

Bidh mi alright.