Northwords Now Issue 39

The FREE literary magazine of the North

Bòrd

by Maggie Rabatski

Seo am bòrd eireachdail
a cheannaich mi am bùth
Feachd na Slàinte.

Cruinn. Cruaidh-fhiodh mhὶn Afragach.
Casan snaighte le tuairnear.
Dath an òmair air.

Bu shuarach na chosg e dhomh
air sgàth an droch làimhseachadh
bha sgrὶobht’ air a choltas.

Gu fortanach b’ aithne dhomh fear
le sgilean is làmhan cùramach
a thug air ais dha a mhaiseachd.

Seall an deàrrs a thig às
nuair a dh’fhiaras grian
an àird-fheasgair air,
ga dhùsgadh ’s dòcha gu cuimhne
air na freumhan àrsaidh.

Doire bhruthainneach iroko
a’ claonadh gu abhainn thioram,
eòin dhathach rin gobaireachd.   

An-diugh tha am bòrd seo
a’ suidhe gu socair
thall ris an uinneig,
a’ sìor dhol am feabhas

’s mi cumail fhlùraichean ris
air dhathan lasrach nan tropaig,
dùn leabhraichean, caraidean
is cupannan tì.

Agus minig an cat dubh
a’ cur nan car dhith
air làrach an dochainn,
a’ suirghe air an t-sìota.