Northwords Now Issue 39

The FREE literary magazine of the North

Fàgail na h-Eòrpa

by Lisa NicDhòmhnaill

Tro ghaoth, tro bhàthadh uisge
Tro dhorchadas trom-dhubh mar mhiann na dùthcha:
Dà choinneal deug am broinn chrogain- shilidh ‘s
Rionnag mhòr bhuidhe air aghaidh gach aon dhiubh
Le sreang. Iad rin sgaoileadh sa Chòigich -
Port Allt a’ Ruisteil, Ach’ ‘Ille Bhuidhe, Am Poll Bàn, An Lòn, Am Poll Glas,
Bad an Sgàlaidh, Ach’ an Inbhir fhèin.
Dorsan a’ fosgladh le furan, le fàilte, le taing,
Na solais gan toirt sna h-uinneagan tùrsach.
Am fear mu dheireadh gu Sealladh nan Eilean,
Gu teaghlach òg faisg air croit a màthair, e-fhèin à Slovakia
An dithis bheag bhòidheach nan suain.
Thàinig i thugam ga shireadh, an dà chàr air an rathad chaol,
An t-àite-seachnaidh na ionad càirdeis
Fo sgàil Chonmheall dà-chreagach stòlda.
Dithis bhoireannach, dithis mhàthraichean,
Dà uinneag, dà làimh, dà anam, dà chridhe,
Dòchas eatarra.