Northwords Now Issue 39

The FREE literary magazine of the North

Fuinn

by Maggie Rabatski

A’ chiad bhliadhna  
thug mise sa bhaile-mhòr
cha do ghluais mi
thar chrìochan shàbhailte
Dowanhill, an oilthigh
agus Aitreabh nan Gàidheal.

An dàrna bliadhna
choinnich mi ri fleasgach à Cataibh.
Bha esan eòlach air gach ceàrn is cùil.

Latha seo, sinn làmh air làimh a’ coiseachd
air taobh thall a’ Chluaidh,              
thachair e ri caraid-obrach,
fear de mhuinntir Bhaile-Ghobhainn.

’S ann aig an dithis ud
bha ’n comas labhairt.

An dara guth leadarra,
alltan fÌor-ghlan a’ ruith
le leathadan Bheinn Chlὶbric.

Cainnt an fhir eile
làn ùird agus iarainn,
ceò is meirg is morghan,
is cha do thuig mi facal
a thuirt e.

Ach thog mi buille ciùil,
fonn ùr iongantach,
òran mòr Ghlaschu  
ag èaladh a-staigh air mo chridhe.