Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

A’ Ghràineag ‘s an Sgòth Dhorch’

by Fearghas MacFhionnlaigh

“Neòil dhubha na Càisge...”

Cùisean diofraichte am bliadhna.
Dhùisg sinn, ’s b’ eòl dhuinn sa bhad e,
mi fhìn ’s mo chàirdean deilgneach.

Feagal oirnn ron sgòth dhorch ud.
Feagal oirnn fiù ’s ro chàch a chèile.
Shloig sinn corra cnuimhe as t-oidhche,

Chnuasaich sinn na b’ urrainn dhuinn
de dhearcagan searca tearca seann
‘s thill sinn dhar neadan seasgair fhèin.