Northwords Now Issue 40

The FREE literary magazine of the North

Ceistean Eascaiteòlach

by Fearghas MacFhionnlaigh

Conasg buidhe san ifrinn?
Èisg a’ leum air nèamh?
Corra-ghritheach ciùin air bruaich
gu domhainn na smaointean fhèin?

Craiceann cùl mo làimhe
na meamram aosta seargte
air na sgrìobh cleit fhaondrach geòidh
a cuid sgrochail ghorm air seachran?